Canan Nan Gaidheal

These are the lyrics to a Scottish Gaelic song called, Canan Nan Gaidheal, which recounts the history of the Gaelic language in Scotland. The title means: The language of the Gaels. For me, this song stirs equal parts sorrow, and pride. Pride in my noble race, and sorrow in the realization that my language is dying. And in it all, what left is there for the young Gael, but to sing…in the hopes that someone hears him.

Canan Nan Gaidheal.

Cha b’ e sneachda ‘s an reothadh o thuath,

Cha b’ e ‘n crannadh geur fuar on ear,

Cha b’ e ‘n t-uisge ‘s an gailleann on iar,

Ach an galair a bhlian on deas

Blàth, duilleach, stoc agus freumh

Cànan mo thrèibh ‘s mo shluaigh.

Sèist (Chorus)

Thig, thugainn, thig còmh’ rium gu siar

Gus an cluinn sinn ann cànan na Fèinn;

Thig, thugainn, thig còmh’ rium gu siar

Gus an cluinn sinn ann cànan nan Gàidh’l.

 

Bheir a-nuas dhuinn na coinnlearan òir

‘S annt’ càiribh na coinnlean geal cèir,

Lasaibh suas iad an seòmar a’ bhròin

‘N taigh-fhaire seann chànan a’ Ghàidh’l

‘S e siud o chionn fhad’ thuirt an nàmh,

Ach fhathast tha beò cànan nan treun.

 

Ged theich i le beath’ às na glinn,

Ged ‘s gann i ‘n-diugh chluinnear nas mò

O Dhùthaich MhicAoidh fada tuath

Gun ruig thu Druim Uachdair nam bò,

Ach thugainn, thig còmh’ rium gu siar:

‘S i fhathast ann ciad chainnt an t-slòigh.

 

Tha na suinn lem bu bhinne bha d’ fhuaim

Nad ghlinn, thìr nam fuar-bheannaibh àrd’,

Air an druim anns na h-uaighean nan suain;

Suas air èirigh, mo thruaighe, nan àit’,

Eadhon siar ann an Dùthaich MhicLeòid,

Linn òg ort, a Ghàidhlig, rinn tàir’.

 

‘S iomadh gille thug greis air a’ chuibhl’

San dubh-oidhch’ thog fonn Gàidhlig a chrìdh’,

‘S iomadh gaisgeach a bhrosnaich sa bhlàr

Gu euchd nuair bu teotha bha ‘n t-strì –

O Ghàidheil, O, càit an deach d’ uaill

Nad fhine ‘s do chànan ‘s do thìr?

 

Ged nach cluinnear nas mò i san dùn

No ‘n talla nan cliar is nan corn,

Ged tha meòir Chloinn ‘IcCruimein gun lùths

On tric feasgar ciùin a dhòirt ceòl,

Gidheadh, anns na h-Eileanan Siar,

Ball’ dìon gheibh thu, Ghàidhlig, ‘s do chòir.

 

Uair chìte fear-fèilidh sa ghleann,

Bu chinnteach gur Gàidhlig a chainnt,

Ach chaochlaidh i, dùthaich nam beann:

‘N àite Gàidhlig cluinn cànan a’ Ghoill –

Chan e ‘n dùthaich a bh’ ann a ta ann:

‘N-diugh dùthaich nan Colonels ta innt’.

 

O chànain ta leth ri mo chrìdh’,

M’ aran, m’ annlan is m’ anail ‘s mo smior,

‘S tu cho aost’ ri fraoch dosrach nam frìth,

Shloinneadh òg leat beinn, leitir is sgurr:

Gàidheil gad easbhaidh ‘s gad dhìth

Clàrsach aon-theud, is cuislean gun fhuil.

 

Suas togamaid Gàidhealtachd nuadh

Le eanchainn, braon-gruaidh agus dòirn,

Gàidhealtachd às ‘n dèanar uaill,

Àit’ àrd, uasal aig cànan is ceòl

‘S biadh beathail aig spiorad is brù

Ri fhaotainn a ghnàth air do bhòrd.

By Murdo MacFarlane (Murchadh MacPharlain, Bard Mealbhoist)

Advertisements

Author: dioghaltas

Alba An Aigh, Soar Alba, Alba gu Brath. Wha sae base, as be a slave; let him turn an flee.